RC Church of the Visitation, Taynuilt
________________________________________________________________________________
The Visitation, Taynuilt. PA35 1JQ
Sunday Mass 11:00 a.m.
9 a.m. Craig Lodge, Dalmally
Holy day of Obligation 7:00 p.m.
Contact
Parish Priest Very Rev William Canon Fraser
william.fraser4@btinternet.com
01866 822269

The first Cathedral of the Catholic Diocese of Argyll wasn’t in Oban but in Taynuilt. A village with a small but lively congregation it is difficult to imagine that this was once a bishop’s seat. Taynuilt, was once known as Muckairn. The Church of Scotland parish is still called just that. Next to the Kirk there are the ruins of what used to be a Catholic Church. It was the site of the first Cathedral of Argyll when it split apart from the Diocese of Dunkeld in 1222 AD. Maybe it was felt necessary due to the language barrier. The new Bishop Harald of Argyll is said to have been fluent in Gaelic and Norse. The bishop wasn’t in Taynuilt for long before relocating to Lismore where it was felt to be safer at the time. Some academics believe the first Church in Taynuilt, called “Kilespikerill” was named after Saint Cyril others say it could refer to Harald himself. Our parish priest, Canon William Fraser, has suggested it could mean “Cill Easbuig Earra-Ghàidheal” or the church of the bishop of Argyll. The Church of Scotland, which is there today, is the 7th church in this location. Bishop Joseph of Argyll and the Isles has recently initiated a Gaelic Mass to be held in Taynuilt on the second Sunday of every month.
The parish includes a large area. In the village of Dalmally Craig Lodge is a well known spiritual retreat centre. They are sharing the campus with the famous Mary’s Meals charity which provides meals for children in schools in the 3rd world. By using local produce and volunteers they operate very cheaply and encourage children to attend school. It’s founder Magnus MacFarlane Barrow has just been short-listed for the top ten CCN heroes of the year.
__________________________________
Easglais Chaitligeach Thaigh an Uillt
Is e baile beag a th’ ann an Taigh an Uillt san là an-diugh le coithional beag beòthail, ach tha e doirbh a chreidsinn gur e àite a bh’ ann airson àrd-eaglais aig aon àm. Is e ainm na sgìre air fad “Muc Cairn,” ged a bhios daoine a’ gabhail Taigh an Uillt air san là an-diugh. Bho thùs b’ e dìreach an taigh-òsta air an robh an t-ainm sin ri linn agus gu bheil e ri taobh allt.
Gabhaidh sinn sgrìob timcheall. An toiseach thèid sinn gu Clach Monessag ann an Bàgh na h-Àirde. Dh’fhaodte gur e an suidhe aig naomh a choireigin a bha sa chlach mhòr seo aig aon àm. Tha a’ chiad phàirt dhen fhacal (Mo-) a’ sealltainn gur e naomh a bh’ ann agus is dòcha gu bheil sibh nas eòlaiche air Naomh Moluag aig a’ bheil dlùth-cheangal ri Lios Mòr. Tha am pàirt mu dheireadh dhen fhacal (-ag) a’ ciallachadh gur e duine laghach a bh’ ann. Dh’fhaodadh gun robh ceangal aig ainm an duine (sa mheadhan) ri Nessa, màthair an rìgh Conchobarr an Èirinn a bha a’ riaghladh aig Emain Macha an Uladh. Dh’fhaodadh gur e seo an t-àite as sine an sgìre Mhuc Cairn aig a bheil ceangal ri Crìosdaidheachd.
Tha àite eile san sgìre air a bheil: Baile an Deòir. Bha deòir a’ fuireach an sin ag aon àm – fear a bha a’ sealltainn às dèidh a’ bhachaill no a’ chromaig aig abaid. B’ e annaid a chanadh iad ri àite as an robh na Manaich a’ fuireach. Bha annaid mar sin aig na lochan dubha anns a’ Choingheil, an ath-bhaile. B’e Naomh Maol Rubha, duine uasal Èirinneach, a stèidhich e. Tha fios againn gun robhar ag uisneachadh a’ bhachaill sin fhathast san 16mh linn.
Mu dheireadh thèid sinn gu Eaglais na h-Alba ann am meadhan a’ bhaile. Tha cnoc beag ri taobh na h-eaglaise agus thathas a’ smaointeachdain gur dòcha gur e àite airson draoidheachd a bh’ ann aig aon àm. Is e Cnoc Aingeil an t-ainm a th’ air agus thathar dhen bheachd nach eil gnothach aig aingealan ris ach gu bheil e a’ toirt iomradh air àite far an deach teintean a lasadh aig àm na Bealltainne. Tha carragh air mullach a’ chnuic. Tha “Tobar nam Feusag” ri a thaobh cuideachd. B’ e àite spioradail a bh’ ann an tobar aig an àm sin. Leis gur e àite cho cudromach a bh’ ann do na Paganaich chaidh a’ chiad eaglais a stèidheachadh faisg air làimh. Tha beul-aithris ag ràdhn gun deach a’ chiad eaglais a thogail an sin san 6mh linn agus gur e an 7mh eaglais a tha san tè a th’ ann san là an-diugh.
Bha Àrd-Eaglais Sgìre-Easbuig Earra-Ghàidheal an seo dar a chaidh an sgìre-easbuig a chruthachadh an toiseach sna meadhan aoisean. B’ e Arailt ainm a’ chiad easbuig a thàinig don sgìre ùr seo sa bhliadhna 1222 AD. Is coltach gun robh e comasach an dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus ann an cànan nan Lochlannach. Chaidh an eaglais ainmeachadh mar “Kilespikerill”. Tha feadhainn dhe na h-acadamagaich ag ràdhn gun deach an eaglais ainmeachadh as dèidh Naomh Cyril ach tha feadhainn eile ag ràdhn gur e Cill Easbuig Arailt a bhathar a’ ciallachadh. Chaidh an àrd-eaglais a ghluasad a Lios Mòr ann an 1236 AD leis mar a bha sin nas sàbhailte aig an àm. Chaidh an tobhta de dh’eaglais a chìthear an-diugh a thogail dìreach ro àm an ath-leasachaidh mu 1500 AD. Nach eil e iomchaidh ma-tha gu bheil Aifhreann Ghàidhlig a’ gabhail àite anns a’ bhaile seo air an darna Dòmhnach dhen mhìos.
_____________________________________
Back to Argyll Churches